![]()
Tha Cladach gu Cladach Nokia mar phàirt de Sreath A-Muigh Nokia – taghadh de thachartasan air an dealbh gus uaill a ghabhail às a’ bhlar mhòr a-muigh agus a dhèanamh comasach dhut fhèin agus dod charaidean tlachd a ghabhail à bhith gnìomhach ann an cuid de na h-àiteachan as bòidhche san Rìoghachd Aonaichte.
Smaoinich air slighe a tha a’ triall aon de na cruthan-tìre beinne as cliùitiche san t-saoghal air rothair, air chois na air bàta; turas a tha a’ còmhdach dìreach thairis air 100 mìle, a’ gabhail a-steach fiach mòr-rèis air chois; turas a tha a’ gabhail a-steach cuid de na h-àiteachan as ìomhaigheile agus seallaidhean iongantach na Gàidhealtachd: Loch Nis, an Gleann Mòr, Beinn Nibheis agus Gleanna Comhan.
’S e dùbhlan a tha seo a tha fosgailte do luchd dàn-thurais uile. Thig cuid dhiubh a bhuannachadh; mòran dhiubh dìreach gus pàirt a ghabhail. Fàgaidh iad uile an dèidh tlachd a ghabhail à bhith gnìomhach còmhla ri càirdean san t-suidheachadhadh mhìorbhaileach seo. ’S e turas dha-rìribh brìoghmhor a th’ ann an Cladach gu Cladach Nokia tro dhìomhaireachd is beul-aithris na cruth-tìre àrsaidh seo.
Tha an Dùbhlan air a shuidheachadh. An urrainn dhutsa a dhol tarsainn Alba thairis air deireadh seachdaine?
OUR CHALLENGER, RACER AND EXPERT ENTRIES HAVE SOLD OUT.






